It looks like you don't have flash player installed. You might want to get that if you plan to use the Flash gallery. Click here to go to Macromedia download page.
‘S e buidheann tele-margaideachd a th' ann an Deiseil is Deònach ach le diofar mòr. Chaidh a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd gus feumalachdan gnìomhachais ann an Alba a fhreagradh.
Mas e Loidhne-Cobhair Ghàidhlig a tha sibh ag iarraidh air neo mas e Iomairt Tele-margaideachd airson Gnìomhachas Ùr a tha fa-near dhuibh, nì sinn ar dìcheall gus ur cuideachadh. Tha a h-uile neach-obrach againn a' fuireach air a' Ghàidhealtachd agus tha comas labhairt is sgrìobhaidh ann an Gàidhlig aig a' chuid as motha dhiubh.
Tha Deiseil is Deònach air obrachadh le iomadh seòrsa chompanaidh, companaidhean mòra mar Barclays Bank is Zurich Financial gu companaidhean nach eil a cheart cho mòr.
Nì Deiseil is Deònach ar dìcheall gus an t-seirbheis as fheàrr a thoirt seachad.
‘S e a bhith a' toileachadh an luchd-cleachdaidh agus a' sàsachadh nan dùilean aca a tha ann an cridhe feallsanachd Deiseil is Deònach .