Integrity
Values
Services
Partners
Case Studies
Contact us

Clients
Clients
It looks like you don't have flash player installed. You might want to get that if you plan to use the Flash gallery. Click here to go to Macromedia download page.
Clients
Clients

Tagh ur Cànan:
Gaidhlig
Beurla

Sgrùdaidhean-cùise

Co-inntrigeadh agus seirbheis-stiùiridh.

Bha tè dhe na prìomh chompanaidhean a tha an sàs ann an àrachas is sochairean luchd-obrach airson leudachadh le bhith a' cur cuideam air tachartasan le cothroman gnìomhachais ùra .  

Dh'iarrar air Deiseil is Deònach co-inntrigidhean ùra a chur air dòigh leis na companaidhean as cliùitiche agus an sruth-obrach co-cheangailte a stiùireadh. Chuir a' chompanaidh àrachais ri cùmhnant leantainneach airson 20 latha a cheannach gach mìos. Chuir Deiseil is Deònach sreath dhe cho-inntrigidhean air dòigh, le companaidhean a tha ainmeil air beul an t-sluaigh. Chuir a' chompanaidh seo ainm ri cùmhnant bliadhnail eile air sàilleabh an t-srutha obrach a thàinig às a' cho-inntrigeadh seo. Thuirt an luchd-ceannachd “Shoirbhich leinn air na bha sinn ag amas airson 2005 cheana agus phàigh a' phròiseict seo dha fhèin anns na ciad trì mìosan.”  

Rannsachadh-margaideachd is co-inntrigeadh.

Dh'iarr companaidh a tha an sàs ann am fuasglaidhean-obrach air feadh an t-saoghail iomairt tele-margaideachd a chur air chois le companaidhean aig an robh ùidh an uidheam breithneachail ùrachadh air neo uidheam breithneachail as ùire a chur a-staigh an àite nan siostaman làmhach aca 

‘S e an trioblaid a bh' againn, ge-tà, gu robh a' phròiseict cho iom-fhillte nach robh cinnt ann am b' fhiach a' phròiseict idir. Dh'innis sinn don luchd-cleachdaidh againn nach robh sinn airson fiosrachadh a sgaoileadh do chompanaidh a bha ann a dh'aona-ghnothach gus siostam breithneachail a reic dhaibh. Mhol sinn gum b' e an smuain a b' fheàrr nan cuirte iomairt rannsachadh margaideachd air chois gus na dùilean a shònrachadh, agus an uair sin' a' cur co-inntrigidhean air dòigh a dh'fhreagradh do na dùilean sin. Bha am fiosrachadh a chaidh a lorg anns an iomairt mhargaideachd cho iom-fhillte gus an do leig e leis an luchd-chleachdaidh againn conaltradh a stèidheachadh le luchd-ceannachd ùr às aonais iomairt cho-inntrigeadh a chur air bhonn.  

Bidh sinn daonnan a' dèanamh ar dìchill gus dùilean ar luchd-cleachdaidh a shàsachadh agus thug e tlachd dhuinn gun tugte sinn na toraidhean a bha iad ag iarraidh agus nach robh caitheamh airgid ann air sàilleabh ire an t-seirbheis a thug sinn seachad air feadh ar iomairt margaideachd.  

Chan eil cosgaisean falaichte ann airson co-inntrigeadh seirbheis-stiùiridh.

Dh'iarr companaidh tomhas-toraidh cliùiteach oirnn coinneachadh riutha on a bha iad airson com-pàirteachas a leasachadh le companaidh tele-margaideachd, gus am b' urrainn dhaibh fhèin cumail leis an roinn air an robh iad fhèin mion-eòlach, an àite tele-margaideachd. Bha iad an sàs ann an tele-margaideachd roimhe is cha deach gu math leotha, mar sin, bha iad caran mi-chinnteach air co a chleachdadh iad, air sàilleabh na chosg iad gu ruige sin, gun mòran buannachd. 

Dh'innis sinne gum biodh sinn air leth deònach ùine-dhearbhaidh a chur air dòigh thar 5 làithean a shealladh a' mhisneachd a th' againn ron t-seirbheis a tha sinn a' toirt seachad. Chuir sinn an cèill cuideachd nach bi sinn a' sireadh chosgaisean airson iomairtean a chur air bhog, siostaman a thoirt am feabhas, iomairtean a stiùireadh, no fiosrachadh stiùiridh a thoirt seachad. Gu deimhinne, chan eil ann ach an aon chosgais gach latha. Bha an ùine-dhearbhaidh glè shoirbheachail agus a-nis tha cùmhnant bliadhnail ann eadar a' chompanaidh seo agus sinn fhèin. Thuirt a' chompanaidh seo, “ 'S e com-pàirteachas air leth a tha seo, a leigeas leinn ar goireas a chleachdadh anns an dòigh a thogras sinn, faodaidh sinn na roinnean anns am bi sinn ag obrachadh a thaghadh gun mòran ùine rabhaidh a thoirt seachad.”

  dhachaigh | Deiseal is Deònach | Luach | Seirbheisean | com-pàirteachas
Sgrùdaidhean-cùise
| cuir fios thuginn