It looks like you don't have flash player installed. You might want to get that if you plan to use the Flash gallery. Click here to go to Macromedia download page.
Tha Deiseil is Deònach nam fìor eòlaichean anns na roinnean a leanas:
Co-inntrigeadh
Comhairle-mhargaideachd
Dàta-rannsachaidh
Seirbheis Eadar-theangachaidh
Loidhne-chobhair ann am Beurla is Gàidhlig
Siostam CRM air-loidhne
Co-inntrigeadh:
Tha Deiseil is Deònach a' tairgsinn na seirbheis co-inntrigidh is seirbheis stiùiridh as fheàrr a tha ann. Tha Deiseil is Deònach airson is nach bi teagamhan sam bith an sàs anns na h-iomairtean co-inntrigidh agus mar sin bidh sinn daonnan fosgailte is onarach nuair a dhèiligeas sinn le ar luchd-cleachdaidh. Tha sinn ga fhaicinn mar chom-pàirteachas a tha co-ionann. On a tha sinn fìor eòlach air co-inntrigeadh, molaidh sinn iomairt-dheuchainne do ar luchd-cleachdaidh gus an tomhaisear seasmhachd iomairt sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann. Cuiridh sinn ar cùl ri pròiseict sam bith ma tha sinn a' faireachdainn nach eil i ag obair mar a bha an luchd-cleachdaidh an dùil.
Seirbheis-chomhairleachaidh:
Tha còrr is 50 bliadhna de dh'eòlas obrach ann an ionadan-margaideachd agus tele-margaideachd aig Deiseil is Deònach. Thèid againn air:
ur cuideachadh gus sgioba luchd-reice no ionad-margaideachd a dh'obraicheas aig ire àrd a stèidheachadh.
na toraidhean as fheàrr fhaighinn às sgioba-reice nach eil a' dèanamh cho math a thaobh reic.
sgriobtaichean-reice is leabhranan-stiùiridh-reice a chruthachadh a dh'obraichean an da-rireabh.
luchd-obrach-reice fhastadh.
luchd—obrach-reice a thrèanadh.
manaidsearan ionad-margaideachd is tele-margaideachd aig an ire as àirde fhastadh.
na dòighean reice agaibh a sgrùdadh gus an urrainnear plana-margaideachd ùr a chur an gnìomh.
Dàta-rannsachaidh:
Le bhith a' cleachdadh an t-siostaim CRM air-loidhne ‘s urrainn dhuinn ar luchd-cleachdaidh a chuideachadh ann a bhith a' cruthachadh stòr-dàta dhe luchd-cleachdaidh a dh'fhaodadh a bhith ann, a' sònrachadh prìomh fhiosrachadh mar ainmean nan daoine a nì co-dhùnaidhean gnìomhachais, sheòlaidhean post-d agus an luchd-solarachaidh a tha iad a' cleachdadh an-dràsta. Cleachdar am fiosrachadh seo gus co-inntrigeadh a rèiteachadh leis na companaidhean a b' fheàrr leotha, com-pàirteachas gnìomhachais a stèidheachadh agus cothroman obrachaidh a leudachadh.
Loidhne-chobhair:
Thèid againn air ar luchd-cleachdaidh a chuideachadh le ar lìon-fòn brìgheil agus seirbheis ionad-fàilte a chur air dòigh do chompanaidhean beaga agus taic a thoirt do chompanaidhean mòra is buidhnean riaghaltais gus an tèid aca air dèiligeadh le iarrtasan Gàidhlig. A thuilleadh air sin, ‘s urrainn dhuinn Seirbheis Eadar-Theangachaidh Ghàidhlig a chur air bhonn do chompanaidhean cuideachd.
Siostam CRM Air-Loidhne:
Tha roinn fharsaing dhe innleachdan reice is margaideachd an sàs anns an t-siostam againn, a' gabhail a-staigh mìosachan is post-d, Stiùireadh Iomairtean, Margaideachd-dealain, Stiùireadh Gnìomhachais, Luachadh, Tuairisgealan agus Co-fhilleadh Làraichean-Lìn.